Seo agaibh clàr-fuaime bho 1972 de Mhr MhacLaomaiad à Cille M'Eudain ann an Ceann Deas nan Rannaibh. Anns a' chlàr, cluinnidh sinn na h-ainmeanan àite a leanas:
Starting north of Slockmill:
the point of Cleugh,
Norway Craig,
Norway Hole,
Isle of Partan,
[Ebbsie?] Craig,
[Milbuie?],
the [Scannan?] Rock,
the Hole of the Heel,
the Grennan, [
Slagullie?],
Cranmag Head,
Gabarunning,
the Hawk's Hole,
the Round Craig (too steep a descent for fishing),
the Sloucheen Slunk (a favourite fishing seat) at the face of the Carrick [Hill].
Tha neart eisimpleirean de Ghàidhlig Ghall-Ghàidhealaibh an seo m.e. Craig/Carrick/ - Carraig, Partan, Maol Buidhe?, Grennan - Grianan?, Sloucheen Slunk - sluicín slonc?
'S e am fear mu dheireadh dhiuibh a thog m' ùidh shònraichte anns a' chlàr. A réir Mhgr. MhicLaomaid 's e slonc a bh' aca air gully. Cha chreid mi nach e aon fhacal a tha seo agus GD: sloc GA: slogtha GM: slogh B: hollow
Tha dà rud sònraichte a' tachairt le sloc ann an Gàidhlig Ghall-Ghàidhealaibh: A' chiad rud, 's e nach cluinnear ro-analachadh. Tha seo ann an cumantas le dualchainntean eile a bhitheadh mun cuairt air an sgìre, an leith Uladh an Ear, Ceann Deas Earra-Ghàidheil, Arainn agus Gaelg Mhanainn.
An dara rud, 's e an fhuam /n/ a chluinnear, dìreach mar a chluinnear cronk (cnoc) anns an Eilean Mhanainn.
Ged nach b' urrainn dhuinn a bhith cinnteach às aonais fianaise a bharrachad, tha a h-uile coltas ann gur e dà fheart cànanachais a bhunadh ri dualchainnt na sgìre, aon ainm-àite làn fhiosrachaidh. Bidh fada a' bharrachd Gàidhlig Ghall-Ghàidhealaibh ri chluinntinn, ann an dualchainntean Bheurla 's Bheurla Ghallda na sgìre, agus ainmean-àite. Cuspair air a bheil fada a' bharrachd rannsachadh a dhìth.
No comments:
Post a Comment